Skye Mountain Lodge holiday house

Leabaidh & Bracaist Cosgaisean & Cumhan

looking_down Tha Loids Beinne an Eilein a’ cosg £55 gach neach airson seòmar airson dithis, (An Cuiltheann, Beinn na Caillich) no triùir (Blà Bheinn) airson bucadh airson dà oidhche no còrr. £75 airson aon neach ann an seòmar sam bith airson dà oidhche no còrr. Cothrom air lasachadh prìs de 10% airson bucadh ceithir oidhche no còrr. Gus bucadh airson aon oidhche, ann an seòmar airson dithis/triùir, cosgaidh e £65 gach neach agus £75 gach oidhche airson aon neach ann an seòmar. Clàradh a-steach eadar 4f agus 6.30f. Ma thèid dàil a chur oirbh leigibh fios thugainn. Gu h-àbhaisteach tha sinn a’ sùileachadh gum fàg na h-aoighean an seòmar mu 10.30m. San t-Seòmar Teaghlaich tha sinn a’ cur fàilte air cloinn nas sine na 14 bliadhna agus pàighidh iad an t-aon suim ri inbhich. Tha sinn duilich ach chan eil peataichean ceadaichte. Tha smocadh air a thoirmeasg air feadh Loids Beinne an Eilein. Tha sinn ag iarraidh tasgadh de £50 gach seòmar nach gabh a phàigheadh air ais, gus a h-uile bucadh a dhaingneachadh.

A’ Bucadh

Faodar bucadh air-loidhne le bhith a’ dol chun duilleig “A’ BUCADH”, a’ coimhead a bheil seòmar ri faotainn, agus an uair sin a’ dèanamh cliog air a’ phutan ghorm gus leantainn air adhart leis a’ bhucadh.  Gus am bucadh a dhaingneachadh feumar airgead-tasgaidh a phàigheadh, le cairt creideis tro PayPal (cha leig thu a leas cunntas PayPal a bhith agad airson pàigheadh). Gheibh sibh an uair sin post-dealain bhon làrach-bucaidh againn a’ daingneachadh na cùis agus gheibh sibh cuidhteas, bho PayPal, airson a’ phàighidh-tasgaidh.  Cuiridh sinn thugaibh cuideachd post-dealain dearbhaidh bhuainn fhèin cho luath ’s a gheibh sinn fiosrachadh mun bhucadh agaibh bhon làrach-bucaidh againn. Tha an còrr dhan chunntas ri phàigheadh an uair a bhithear a’ fàgail Loids Beinne an Eilein. Faodar an cunntas deireannach a phàigheadh le airgead làimhe, le cairt-creideis, no le seic bho bhanca san RA.  Feumar 5% a bharrachd a phàigheadh air cunntasan a phàighear le cairt-creideis.

Bucadh airson aon oidhche

Eadar 1 Giblean 2015 agus 30 Sultain 2015, is e dà oidhche am bucadh as lugha a ghabhar.  Faodar bucadh singilte a ghabhail aig amannan eile ma bhios cothrom ann airson sin agus le cosgais a bharrachd (faicibh na cosgaisean bucaidh gu h-àird).

A’ Cur às do Bhucadh

Ma dh’fheumas sibh ur bucadh a chur dheth air sgàth atharrachaidh san t-suidheachadh agaibh, leigibh fios thugainn cho luath ’s a ghabhas. Faodaidh bucaidhean a bhios air an cur dheth taobh a-staigh 48 uair on àm a bu chòir dhuibh a thighinn cosg dhuibh 100% den t-suim iomlan den bhucadh B&B mur a bi e comasach dhuinn an seòmar a leigeil air màl.