Skye Mountain Lodge holiday house
Suidheachadh

Mar a lorgas sibh sinn

Taobh Drochaid an Eilein

Thèid tarsainn Drochaid an Eilein.

Gabh gu tuath air an A87 chun Àth Leathann.

Lean ort air an A87 tron Àth Leathann.

San Àth Leathann, lean an soidhne airson Ealaghol B8083 (a’ tionndadh faisg air Taigh-òsta an Àth Leathann).

Tha Na Torran mu 7 mìle no 12 mionaid sìos an rathad singilte seo.  Letheach slighe tro Na Torran, cumaibh sùil a-mach airson bogsa fòn dearg agus soidhne airson Loids Beinne an Eilein agus tionndaidhibh gu clì sa bhad.

Leanaibh oirbh sìos an rathad beag seo agus tionndaidhibh dheth aig an 2na rathad gu ur làimh chlì, gus am faic sibh soidhne.

Leanaibh oirbh suas leathad airson beagan shlatan gus an ruig sibh Loids Beinne an Eilein.

phonebox roadside_sign

Cur-seachadan

Is e neamhnaid fhalaichte a tha san sgìre mun cuairt Na Torran ann an iomadh dòigh le iomadachd de dh’àrainn me beinn, monadh, cladach, boglach, creagan-mara agus tràigh.

Leis na tha ri fhaicinn an seo, eadar dòbhran-donn agus an t-iolaire bhuidhe iongantach, tha an sgìre ionadail againn mar phàrras do luchd-thogail dheilbh.

Faodar a bhith an sàs ann am mòran chur-seachadan san sgìre seo, leithid geòlas, dol a dh’uamhan, arc-eòlas agus eachdraidh.

Tha sinn a’ mòr-mholadh nan turasan air bàta bho Ealaghol (8 mìle bho Na Torran) mar dheagh chuairt latha – tadhalaibh air Loch Coruisg a-staigh anns a’ Chuiltheann, no gabhaibh cuairt gu aon de na h-Eileanan A-staigh, agus dh’fhaodadh gum faiceadh sibh leumadairean-mara, pèileagan, mucan-mara no cearbain am measg nan seallaidhean mìorbhaileach a tha mun cuairt.

Ceanglaichean

Fastadh Bhaidhsagal: www.skyebikehire.com
Iùil Beinne: www.experience-skye.co.uk
Coiseachd: www.walking.visitscotland.com agus www.skyewalk.co.uk agus www.walkhighlands.co.uk
Sealg fèidh, obair gunna agus iasgach: www.eilean-iarmain.co.uk
Falbh air Baidhsagal: active.visitscotland.com
Golf: www.isleofskyegolfclub.co.uk
Seòladh: www.skyeyachts.co.uk
Aonad a-muigh an Eilein – Whitewave: www.white-wave.co.uk
Caidheacadh: www.skyakadventures.com
Dàibheadh Scuba: www.dive-and-sea-the-hebrides.co.uk
Sireadh Mhucan-mara: www.whalespotting.co.uk
Cuairt air Bàta: www.elgolboattrips.co.uk, www.mistyisleboattrips.co.uk, www.bellajane.co.uk
Buidheann àrainneachd: www.skyekeg.org.uk
Lorg Dòbhrain-donn agus Gavin Maxwell: www.eileanban.org
Coimhead airson Eòin: www.skye-birds.com
Ionad Chlann Dòmhnaill: www.clandonald.com
Sabhal Mòr Ostaig: www.smo.uhi.ac.uk
Taigh-tasgaidh: www.skyemuseum.co.uk
Geamachan Gàidhealach: www.skye-highland-games.co.uk
Caisteal Dhùn Bheagain: www.dunvegancastle.com
Fiadh-bheatha: www.skye-birds.com
An sgìre ionadail: www.blaven.com
An t-Eilean Sgitheanach: www.skye.co.uk