Skye Mountain Lodge holiday house

Bitheabh sona agus dòigheil!

bed1

Tha a h-uile pàirt den taigh air a chrìochnachadh gu àrd-ìre a thaobh sgeadachaidh agus a thaobh nan dathan a chaidh an taghadh gus a bhith mar sgàthan air an t-sealladh-tìre.

Shuas an staidhre nar dachaigh, tha trì seòmraichean-cadail mòra (a h-uile aon le goireasan nighe, toileat agus frasair-dealain le tàidhlichean mun cuairt). Tha cothrom aig na h-aoighean gaileiridh a chleachdadh far am faodar suidhe agus coimhead air na seallaidhean beinne agus tha cothrom aca air leabhraichean neo-fhicsean air iomadh taobh de bheatha eilein a’ gabhail a-steach eachdraidh, eunlaith, fiadh-bheatha, geòlas, arc-eòlas, ceòl agus dualchas na Gàidhlig. Tha taghadh ann cuideachd de leabhraichean ficsein, DVDan agus geamannan bùird.

Bhon t-seòmar-cadail An Cuiltheann anns a bheil leabaidh sàr-mhòr, gheibhear seallaidhean a-null gu Loch Slapain, Beinn na Caillich, Blà Bheinn agus na beanntan agus na cnuic a tha mun cuairt.

Bhon t-seòmar-cadail Beinn Dearg anns a bheil leabaidh sàr-mhòr, gheibhear seallaidhean a-null gu Beinn Dearg Bheag agus gu Na Torran.

Bhon t-seòmar-cadail Blà Bheinn anns a bheil leabaidh sàr-mhòr agus leabaidh shingilte, gheibhear seallaidhean a-null gu Loch Slapain, Blà Bheinn agus na beanntan agus na cnuic a tha mun cuairt.

bed2

sitting_area

Sa h-uile seòmar gheibhear:

– TBH/DVD
– Treidhe le tì is cofaidh
– Searbhadairean làimhe agus amair

Tha seòmar-tiormachaidh againn.

Tha smocadh air a thoirmeasg.
Tha sinn duilich ach chan eil clann fo aois 14 ceadaichte.

Tha sinn duilich ach chan eil peataichean ceadaichte.

Tha sinn ag iarraidh air aoighean clàradh eadar 4.00f agus 6.30f.  Ma thèid dàil a chur oirbh leigibh fios thugainn.

bathroom     bed3