Skye Mountain Lodge holiday house

Fàilte gu Loids Beinne an Eilein

sml_homepage_interior

Fàilte gu Loids Beinne an Eilein. Chì sibh seallaidhean mìorbhaileach de Loch Slapain, Beinn na Caillich, na beanntan agus na cnuic a tha mun cuairt agus Blà Bheinn – a rèir cuid – a’ bheinn as bòidhche sa Chuiltheann.

“Agus ged a nochadh pàrras, de b’fhiach a ghealach- san gun Bhlà Bheinn?”

An t-Eilean Sgitheanach.                            Somhairle MacGill-Eain

Check Availability / Make a booking

Tha an dachaigh againn suidhichte sna Torran, baile croitearachd a tha faisg air Ealaghol, ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich. Is e deagh àite a tha ann gus cothrom a thoirt a bhith a’ siubhal air feadh sgìrean eile den Eilean Sgitheanach agus Caol Loch Aillse. Faisg air làimh, tha am Blue Shed Cafe far am faighear fìor dheagh thaghadh de bhèicearachd bhlasta a rinn iad fhèin agus tì/cofaidh.

Tha sinn suidhichte mu 7 mìle às an Àth Leathann, far a bheil deagh chothrom air mòran ghoireasan me, banca, mòr-bhùth, bùth-chungaidhean, taighean-seinnse agus taighean-bidhe. Gheibhear cothrom air turasan ann am bàta à Ealaghol a-steach gu fìor chridhe a’ Chuilthinn agus air cuairtean gu cuid de na h-Eileanan A-staigh me Rùm, Canaigh agus Eige.

Làrach sònraichte agus suidheachadh sìtheil

Tha fàilte bhlàth romhaibh aig Loids Beinne an Eilein, far am faigh sibh deagh sheallaidhean de lochan, cnuic, beanntan, eunlaith agus fiadh-bheatha anns a h-uile oisean den dachaigh ùir seo a tha luma-làn solas agus le teas fon làr.  Gheibhear cothrom air Wi-Fi an-asgaidh.  Is e ar n-amas gum biodh sibh cho cofhurtail ’s a ghabhas agus gun còrdadh an suidheachadh bòidheach, sìtheil seo ribh.  Tha a’ Ghàidhlig air a labhairt san dachaigh seo.

Cothrom sreap is cuairtean ainmeil, eunlaith agus fiadh-bheatha

Aig Loids Beinne an Eilein bidh cothrom agaibh a dhol a shreap sa Chuiltheann agus a dhol air chuairt a bhios a rèir ur comais.  Tha cuairtean furasta ann agus feadhainn nas dùbhlanaich faisg air Loids Beinne an Eilein.  Faodaidh sibh a bhith cho fortanach is gum faic sibh dòbhrain-donna aig oir an locha, iolairean-buidhe no iolairean-mara a’ dìreadh is a’ teàrnadh thar nam beanntan, air ur cuairtean no dìreach bhon dachaigh againn a’ cleachdadh prosbaig.  Bhiodh sinn air leth toilichte ur cuideachadh ag ullachadh airson a dhol cuairt air feadh na sgìre againn no gu ceàrnaidhean eile den Eilean Sgitheanach is Loch Aillse ma dh’iarras sibh oirnn.

Bracaist ann an àrainn ainmeil

Sa mhadainn, faodaidh sibh a thighinn a-steach dhan t-seòmar bracaist againn agus leantainn oirbh ag amharc air na seallaidhean mìorbhaileach, a tha glè thric caochlaideach, de Loch Slapain agus Blà Bheinn agus na cnuic a tha mun cuairt.

Faodaidh sibh taghadh làn bhracaist Albannach no biadh nas aotrom a ghabhail me, bradan smocte agus uighean air am bualadh. Bidh sinn cuideachd a’ tabhann bracaist ‘continental’ le sùgh orainds, tì, cofaidh air ùr dhèanamh, seadagan, prùn agus measan nan sèasan, iogart, muesli/lit. Marmalaid a rinn sinn fhèin, silidh eadar-dhealaichte agus tòrr tost geal/donn.

Bidh sinn a’ tabhann deagh bhiadh ionadail agus uighean bho chearcan nach eil glaiste suas.

Leigibh fios thugainn ma tha feumalachdan sònraichte sam bith agaibh a thaobh bidhe. Feuchaidh sinn ri coinneachadh ris na feumalachdan agaibh.

sml_homepage_sheep